Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 5:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair e mar an ceudna cosamhlachd riu: Cha chuir neach air bith mìr de aodach nuadh air seann aodach, no reubaidh an t‑aodach nuadh e, agus cha tig am mìr den aodach nuadh ris an t‑seann aodach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Gleidhidh sibh mo reachdan: Cha leig thu led sprèidh sìolachadh le gnè eile; cha chuir thu d’fhearann le sìol measgte: cha mhò a chuirear umad aodach measgte de olainn agus de lìon.

Ach thig na làithean nuair a bheirear am fear nuadh-pòsda uapa; an sin nì iad trasg anns na làithean sin.

Agus cha chuir duine sam bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear e fhèin, agus caillear na searragan.

Agus ciod a’ cho-rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa.

Cha chuir thu umad aodach measgte, mar de olainn agus de lìon le chèile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan