Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 5:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan riu, Am faod sibh a thoirt air cloinn seòmar an fhir nuadh-phòsda trasg a dhèanamh, am feadh a tha am fear nuadh-pòsda maille riu?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, ma gheibh sibh fear mo ghràidh, gun innis sibh dha mar a tha mi tinn le gràdh.

Càit an deachaidh fear do ghràidh, O thusa as àillidh am measg bhan? Cia an taobh a thionndaidh fear do ghràidh? Agus iarraidh sinn e maille riut.

Oir is e d’fhear-pòsda do Chruithear; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha; agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris.

Oir mar a phòsas duine òg òigh, mar sin pòsaidh d’fhear-togail thusa; agus mar a nì am fear nuadh-pòsda gàirdeachas na mhnaoi, mar sin nì do Dhia gàirdeachas annadsa.

Tha an Tighearna Dia ann ad mheadhon cumhachdach; nì e do thèarnadh; nì e gàirdeachas os do chionn le luathghair; gabhaidh e fois na ghràdh; nì e gàirdeachas os do chionn le seinn.

Is cosmhail rìoghachd nèimh ri rìgh àraidh, a rinn cuirm phòsaidh da mhac fhèin;

Agus thubhairt Iosa riu, Am faod clann seòmar an fhir-nuadh-phòsda a bhith brònach, am feadh a bhios am fear-nuadh-pòsda maille riu? Ach thig na làithean anns an toirear am fear-nuadh-pòsda uapa, agus an sin nì iad trasgadh.

Agus thubhairt iadsan ris, Carson a tha deisciobail Eòin gu tric ri trasgadh, agus a’ dèanamh ùrnaigh, agus mar an ceudna deisciobail nam Pharasach; ach tha do dheisciobail-sa ag ithe agus ag òl?

Ach thig na làithean nuair a bheirear am fear nuadh-pòsda uapa; an sin nì iad trasg anns na làithean sin.

An tì aig a bheil a’ bhean nuadh-phòsda, is e am fear nuadh-pòsda e: ach caraid an fhir nuadh-phòsda, a tha na sheasamh agus ag èisdeachd ris, tha e a’ dèanamh gàirdeachais mhòir airson guth an fhir nuadh-phòsda: uime sin tha mo ghàirdeachas-sa air a choileanadh.

Oir tha mi eudmhor umaibh le eud diadhaidh; oir rinn mi ceangal-pòsaidh eadar sibh agus aon fhear, a‑chum ur cur mar òigh fhìorghlain an làthair Chrìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan