Agus thubhairt iadsan ris, Carson a tha deisciobail Eòin gu tric ri trasgadh, agus a’ dèanamh ùrnaigh, agus mar an ceudna deisciobail nam Pharasach; ach tha do dheisciobail-sa ag ithe agus ag òl?
Agus nuair a shìneas sibh a‑mach ur làmhan, falaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh nuair a nì sibh iomadh ùrnaigh, chan èisd mi: tha ur làmhan làn fala.
Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.
Agus thàrladh air dha a bhith ann an ionad àraidh ri ùrnaigh, nuair a sguir e, gun dubhairt neach àraidh de a dheisciobail ris, A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh, mar a theagaisg Eòin da dheisciobail fhèin.
Agus bu bhantrach i mu thimcheall ceithir bliadhna agus ceithir-fichead a dh’aois nach deachaidh on teampall, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche le trasg agus le ùrnaigh.
Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus imich don t‑sràid, ris an abrar Dìreach, agus iarr ann an taigh Iùdais, duine o Tharsas den goirear Saul: oir feuch, tha e ri ùrnaigh,