Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 5:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh e a‑steach do aon de na bàtaichean a bu le Sìmon, agus dh’iarr e air dol a‑mach beagan o thìr: agus air suidhe dha, theagaisg e an sluagh as a’ bhàta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus ag imeachd do Iosa ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e dithis bhràithrean, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge (oir b’iasgairean iad).

Oir leighis e mòran; ionnas gun do dhlùth-theann iad ris, a mheud is air an robh plàighean, a‑chum gum beanadh iad ris.

Agus thubhairt e ra dheisciobail long bheag a bhith a’ feitheamh air, airson an t‑sluaigh, a‑chum nach dòmhlaicheadh iad e:

Agus chunnaic e dà luing nan seasamh ri taobh an loch: ach bha na h‑iasgairean air dol a‑mach asda, agus a’ nighe an lìon.

Agus gu moch air mhadainn thàinig e a‑rìs don teampall, agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh; agus air suidhe dha, theagaisg e iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan