Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 5:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn Lèbhi fèisd mhòr dha na thaigh fhèin: agus bha cuideachd mhòr de chìs-mhaoir, agus de mhuinntir eile a shuidh maille riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl, agus tha iad ag ràdh, Feuch, duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach: ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn.

Oir ma bhios gràdh agaibh don mhuinntir aig a bheil gràdh dhuibh, ciod an duais a gheibh sibh? Nach eil eadhon na cìs-mhaoir a’ dèanamh an nì cheudna?

Agus thàrladh, air suidhe do Iosa aig biadh anns an taigh, feuch, thàinig mòran chìs-mhaor agus pheacach, agus shuidh iad sìos maille ris-san agus ra dheisciobail.

Agus a’ dol do Iosa as an àite sin, chunnaic e duine na shuidhe aig bòrd na cìse, dom b’ainm Mata; agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e.

Agus thàrladh, nuair a shuidh Iosa a‑chum bìdh na thaigh-san, gun do shuidh mòran chìs-mhaor agus pheacach maille ri Iosa agus ra dheisciobail; oir bha mòran ann, agus lean iad e.

An sin thàinig na cìs-mhaoir uile agus na peacaich am fagas dha, a‑chum èisdeachd ris.

Uime sin rinn iad suipear dha an sin; agus bha Marta a’ frithealadh: ach bha Làsaras na aon dhiubhsan a shuidh aig bòrd maille ris.

Ma bheir aon neach dhiubhsan nach eil nan creidmhich cuireadh dhuibh, agus gur toil leibh dol maille ris, ithibh gach nì a chuirear romhaibh, gun nì sam bith fheòraich air sgàth cogais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan