Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 5:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh nan nithean sin, chaidh e a‑mach, agus chunnaic e cìs-mhaor dom b’ainm Lèbhi na shuidhe aig àite-togail na cìse; agus thubhairt e ris, Lean mise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs-mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus;

An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e air a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise.

Ach thubhairt Iosa ris, Lean mise, agus leig leis na mairbh am mairbh fhèin adhlacadh.

Agus Anndras, agus Philip, agus Bartolomèus, agus Mata, agus Tòmas, agus Seumas, mac Alphèuis, agus Tadèus, agus Sìmon an Canàanach,

Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e ris, Tha aon nì fhathast a dh’uireasbhaidh ort; reic na h‑uile nithean a tha agad, agus roinn air na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.

Air an là na dhèidh sin, bu toil le Iosa dol a‑mach do Ghalile, agus fhuair e Philip, agus thubhairt e ris, Lean mise.

Ma nì neach air bith seirbhis dhòmhsa, leanadh e mi; agus ge bè àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbhiseach mar an ceudna: ma nì neach seirbhis dhòmhsa bheir m’Athair urram dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan