Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 5:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlac uamhas iad uile, agus thug iad glòir do Dhia, agus lìonadh le eagal iad, ag ràdh, Chunnaic sinne nithean do‑chreidsinn an‑diugh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus bidh a’ chathair seo dhòmhsa na h‑ainm sòlais, na moladh, agus na maise, am measg uile chinnich na talmhainn, a chluinneas gach uile mhath a nì mise dhaibh: agus bidh eagal agus crith orra, airson an uile mhaitheis, agus airson an uile shoirbheachaidh a dheònaicheas mise dhaibh.

Na dhèidh sin tillidh clann Israeil, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia, agus Daibhidh an rìgh; agus bidh eagal an Tighearna agus a mhaitheis orra anns na làithean deireannach.

Agus ghabh am poball uile iongantas, agus thubhairt iad, An e seo mac Dhaibhidh?

Agus dh’imich iad gu luath on uaigh, le eagal agus mòr-ghàirdeachas, agus ruith iad a dh’innse da dheisciobail.

Ach nuair a chunnaic am poball seo, ghabh iad iongantas, agus thug iad glòir do Dhia, a thug a leithid seo de chumhachd do dhaoine.

Agus dh’èirich esan air ball, agus thog e an leabaidh agus chaidh e a‑mach nam fianais uile, ionnas gu robh mòr-iongantas orra uile, agus gun do ghlòraich iad Dia, ag ràdh, Chan fhaca sinne riamh a leithid seo.

Agus thàinig eagal air an coimhearsnaich uile: agus dh’aithriseadh na nithean sin gu lèir air feadh dùthaich àrd Iudèa uile.

Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo thuit e sìos aig glùinean Iosa, ag ràdh, Imich uamsa, a Thighearna, oir is duine peacach mi.

Agus ghlac eagal iad uile: agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Dh’èirich fàidh mòr nar measg-ne; agus, Dh’amhairc Dia air a shluagh fhèin.

An sin dh’iarr muinntir dùthaich nan Gadarèneach uile airsan imeachd uapa; oir ghlacadh le eagal mòr iad: agus chaidh e anns an luing, agus thill e air ais a‑rìs.

Agus air dhaibhsan tuilleadh bagraidh a dhèanamh orra, leig iad as iad, gun dòigh air bith fhaotainn air am faodadh iad peanas a dhèanamh orra, airson an t‑sluaigh: oir bha na h‑uile a’ toirt glòire do Dhia airson an nì a rinneadh.

Agus thug iad glòir do Dhia air mo shon-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan