Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 5:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach air aithneachadh an smuaintean do Iosa, fhreagair e agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibh a’ reusonachadh nur cridheachan?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.

Is aithne dhut mo shuidhe agus m’èirigh; tuigidh tu mo smuaintean fad as.

Is gràinealachd don Tighearna smuaintean dhroch dhaoine; ach is briathran taitneach briathran nam fìorghlan.

Oir is aithne dhòmhsa an gnìomharan, agus an innleachdan; thig mi a chruinneachadh nan uile chinneach agus theangannan ri chèile; agus thig iad, agus chì iad mo ghlòir.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tàrlaidh anns an là sin gun tig nithean ann ad aire, agus gun smaoinich thu droch smuaintean.

Ach nuair a thuig Iosa seo, dh’imich e as a sin: agus lean slòigh mhòra e, agus leighis e iad uile.

Agus thuig Iosa an smuaintean, agus thubhairt e riu, Gach rìoghachd a tha roinnte na h‑aghaidh fhèin, nìthear na fàsach i; agus gach uile bhaile no taigh a tha roinnte na aghaidh fhèin, cha seas e.

Agus air do Iosa an smuaintean fhaicinn, thubhairt e, Carson a tha sibh a’ smaoineachadh uilc nur cridheachan?

Agus air aithneachadh sin do Iosa, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh do bhrìgh nach eil aran agaibh? Nach eil fhios agaibh fhathast, agus nach eil sibh a’ tuigsinn? A bheil ur cridhe fhathast air a chruadhachadh?

Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo bhuaireas, agus carson a tha smuaintean ag èirigh suas nur cridheachan?

Agus thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air reusonachadh, ag ràdh, Cò e seo a tha a’ labhairt toibheim? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin?

Cia aca as fhasa a ràdh, Tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut, no a ràdh, Èirich agus imich?

Ach thubhairt Peadar, Ananiais, carson a lìon Sàtan do chridhe a dhèanamh brèige don Spiorad Naomh, agus a cheiltinn cuid de luach an fhearainn?

Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon a‑chum eadar-sgaradh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùintean a’ chridhe.

Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan