Agus thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air reusonachadh, ag ràdh, Cò e seo a tha a’ labhairt toibheim? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin?
Dh’aidich mi mo pheacadh dhut, agus cha do cheil mi m’euceart. Thubhairt mi, Aidichidh mi m’easaontais don Tighearna, agus mhaith thusa cionta mo pheacaidh. Selah.
Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn.
O Thighearna, èisd; O Thighearna, maith; O Thighearna, cluinn agus dèan; na dèan moille, air do shon fhèin, O mo Dhia: oir tha do chathair agus do shluagh air an gairm air d’ainm.
Agus esan a mhaslaicheas ainm an Tighearna, cuirear gu cinnteach gu bàs e; clachaidh gu deimhinn an co‑chruinneachadh uile e: an coigreach cho math ris-san a rugadh anns an dùthaich, nuair a mhaslaicheas e ainm an Tighearna, cuirear gu bàs e.
An sin reub an t‑àrd-shagart a aodach, ag ràdh, Gun do labhair e toibheum; ciod am feum tuilleadh a tha againn air fianaisean? Feuch, a‑nis chuala sibh a thoibheum.
Air an adhbhar sin thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais, agus na tòisichibh air a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan seo.
Agus thàrladh air là àraidh, nuair a bha e a’ teagasg, gu robh nan suidhe an sin Pharasaich agus luchd-teagaisg an lagha, a thàinig as gach uile bhaile de Ghalile, agus de Iudèa, agus o Ierusalem: agus bha cumhachd an Tighearna an làthair a‑chum an slànachadh.
Fhreagair na h‑Iùdhaich e, ag ràdh, Airson obraichean matha chan eil sinn gad chlachadh; ach airson toibheim, agus airson, air a bhith dhutsa ad dhuine, gu bheil thu a’ dèanamh Dè dhìot fhèin.