Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dèan nì sam bith air: oir a‑nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dhè ort, do bhrìgh nach do chùm thu do mhac, eadhon d’aon mhac, uamsa.
Agus, feuch, thug iad da ionnsaigh duine air an robh a’ phairilis, na laighe air leabaidh: agus nuair a chunnaic Iosa an creideamh, thubhairt e ri fear na pairilis, Biodh deagh mhisneach agad, a mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.
Na dhèidh seo fhuair Iosa e anns an teampall, agus thubhairt e ris, Feuch, rinneadh slàn thu: na peacaich nas mò, air eagal gun tachair nas miosa dhut.
Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe.
Ge bè neach don toir sibhse maitheanas ann an nì sam bith, bheir mise mar an ceudna: oir ma thug mise maitheanas ann an nì sam bith, ge bè don tug mi am maitheanas, is ann air ur son-se a thug mi e, am fianais Chrìosd;
A’ giùlan le chèile, agus a’ maitheadh da chèile, ma tha cùis-ghearain aig neach an aghaidh neach: mar a thug Crìosd maitheanas dhuibhse, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.
Ach tha neach àraidh ag ràdh, Tha creideamh agadsa, agus tha obraichean agamsa: nochd dhòmhsa do chreideamh as eugmhais d’obraichean, agus nochdaidh mise dhutsa mo chreideamh lem obraichean.