Agus ag imeachd do Iosa ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e dithis bhràithrean, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge (oir b’iasgairean iad).
Agus air triall dha as a sin, chunnaic e dithis bhràithrean eile, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair, ann an luing maille ra athair Sebede, a’ càradh an lìon: agus ghairm e iad.
Agus air dha a bhith ag imeachd ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e Sìmon, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge; oir b’iasgairean iad.
Agus chaidh e a‑steach do aon de na bàtaichean a bu le Sìmon, agus dh’iarr e air dol a‑mach beagan o thìr: agus air suidhe dha, theagaisg e an sluagh as a’ bhàta.