Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 5:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh e air leth a‑chum an fhàsaich, agus rinn e ùrnaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a leig e an sluagh uaithe, chaidh e suas air beinn na aonar a dhèanamh ùrnaigh: agus nuair a bha am feasgar air teachd, bha e an sin na aonar.

Agus nuair a chuir e air falbh iad, chaidh e gu beinn a dhèanamh ùrnaigh.

Agus thàrladh, nuair a bha an sluagh uile air am baisteadh, air do Iosa mar an ceudna a bhith air a bhaisteadh, agus e ri ùrnaigh, gun d’fhosgladh nèamh,

Agus anns na làithean sin chaidh esan gu beinn a dhèanamh ùrnaigh, agus bhuanaich e rè na h‑oidhche ann an ùrnaigh ri Dia.

Agus thàrladh, mu thimcheall ochd làithean an dèidh nam briathran seo, gun tug e leis Peadar, agus Eòin, agus Seumas, agus gun deachaidh e suas gu beinn a dhèanamh ùrnaigh.

Agus nuair a bha e ri ùrnaigh, bha dreach a ghnùise air atharrachadh, agus rinneadh a aodach geal agus dealrach.

Uime sin nuair a thuig Iosa gu robh iad air tì teachd agus breith air le làimh làidir, a‑chum gun dèanadh iad rìgh dheth, dh’imich e a‑rìs don bheinn na aonar.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan