Agus dh’àithn e dha gun innse do neach air bith: Ach imich, agus nochd thu fhèin don t‑sagart, agus thoir seachad airson do ghlanaidh, mar a dh’àithn Maois mar fhianais dhaibh.
Nuair a bhios aig duine ann an craiceann a fheòla at, no guirean, no ball soilleir, agus gum bi e ann an craiceann a fheòla cosmhail ri plàigh luibhre, an sin bheirear e gu Aaron an sagart, no gu aon de a mhic, na sagartan.
Agus ma tha a’ phlàigh uaine no dearg anns an aodach, no anns a’ chraiceann, aon chuid anns an dlùth no anns an inneach, no ann an nì sam bith dèante de chraiceann, is plàigh luibhre a tha ann, agus feuchar i don t‑sagart.
Agus thubhairt Iosa ris, Feuch nach innis thu do dhuine sam bith, ach imich, taisbein thu fhèin don t‑sagart, agus thoir da ionnsaigh an tìodhlac a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh.
Agus thubhairt e ris, Feuch nach innis thu a’ bheag do neach air bith: ach imich, nochd thu fhèin don t‑sagart, agus tabhair mar ìobairt airson do ghlanaidh na nithean a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh.
Agus cò air bith iad nach gabh ribh, agus nach èisd ribh, air dhuibh imeachd as an àite sin, crathaibh an duslach a bhios fo ur casan mar fhianais nan aghaidh. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom agus do Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na don bhaile sin.