Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 5:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shìn e a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is toil leam; bi glan. Agus air ball dh’fhàg an luibhre e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia, Biodh solas ann: agus bha solas ann.

Agus thubhairt Dia, Cruinnichear na h‑uisgeachan a tha fo nèamh a dh’aon àite, agus leigear ris an tìr thioram: agus bha e mar sin.

Agus chuir Elisa teachdaire da ionnsaigh, ag ràdh, Imich, agus nigh thu fhèin seachd uairean ann an Iòrdan, agus thig d’fheòil a‑rìs ad ionnsaigh, agus bidh tu glan.

An sin chaidh e sìos, agus thum e e fhèin ann an Iòrdan seachd uairean, a rèir facal an duine le Dia; agus thàinig a fheòil a‑rìs mar fheòil leinibh bhig, agus ghlanadh e.

Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e.

Saoraidh mi sibh fòs o ur n‑uile shalchar; agus gairmidh mi air an arbhar, agus meudaichidh mi e, agus cha chuir mi gort air bith oirbh.

Lèighsidh mise an cùl-sleamhnachadh, gràdhaichidh mi iad gu saor: oir thill mo chorraich air falbh uaithe.

Agus shìn Iosa a‑mach a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is àill leam; bi thusa glan. Agus air ball bha a luibhre air a glanadh.

Agus air dha seasamh os a cionn, chronaich e am fiabhras, agus dh’fhàg e i. Agus dh’èirich ise air ball, agus rinn i frithealadh dhaibh.

Agus nuair a bha esan ann am baile àraidh, feuch duine làn de luibhre: agus air dha Iosa fhaicinn, thuit e sìos air a aghaidh, agus ghuidh e air, ag ràdh, A Thighearna, mas toil leat, tha thu comasach air mise a ghlanadh.

Agus dh’àithn e dha gun innse do neach air bith: Ach imich, agus nochd thu fhèin don t‑sagart, agus thoir seachad airson do ghlanaidh, mar a dh’àithn Maois mar fhianais dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan