Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 5:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thug iad am bàtaichean gu tìr, dh’fhàg iad na h‑uile nithean, agus lean iad esan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn-sa, chan airidh orm e:

An sin fhreagair Peadar, agus thubhairt e ris, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa; air an adhbhar sin ciod a gheibh sinn?

Agus ge bè neach a thrèig taighean, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean-phòsda, no clann, no fearann air sgàth m’ainme-sa, gheibh e a cheud uiread, agus a’ bheatha mhaireannach mar oighreachd.

Agus air ball dh’fhàg iad na lìn, agus lean iad esan.

Agus air ball dh’fhàg iad an long agus an athair, agus lean iad e.

Agus air amharc do Iosa air, ghràdhaich e e, agus thubhairt e ris, Tha aon nì a dh’uireasbhaidh ort: imich, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, tog an crann-ceusaidh, agus lean mise.

Agus air fàgail nan uile nithean dha, dh’èirich e, agus lean e e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan