Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 5:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mar an ceudna Seumas agus Eòin, mic Shebede, a bha nan companaich aig Sìmon. Agus thubhairt Iosa ri Sìmon, Na biodh eagal ort; à seo suas glacaidh tu daoine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

A‑rìs, tha rìoghachd nèimh cosmhail ri lìon air a thilgeadh anns an fhairge, agus a chruinnich de gach uile sheòrsa èisg:

Ach labhair Iosa riu air ball, ag ràdh, Biodh misneach mhath agaibh; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh.

An sin thàinig da ionnsaigh màthair clann Shebede maille ra mic, a’ toirt adhraidh dha, agus ag iarraidh nì àraidh air.

Agus thubhairt e riu, Leanaibh mise, agus nì mi iasgairean air daoine dhibh.

Agus air triall dha as a sin, chunnaic e dithis bhràithrean eile, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair, ann an luing maille ra athair Sebede, a’ càradh an lìon: agus ghairm e iad.

Agus thubhairt Iosa riu, Thigibh am dhèidh-sa, agus nì mi nur n‑iasgairean air daoine sibh.

Agus smèid iad air an companaich, a bha anns an luing eile, teachd agus còmhnadh a dhèanamh leo. Agus thàinig iad, agus lìon iad an dà luing, ionnas gu robh iad an inbhe dol fodha.

Oir ghlac uamhas e fhèin agus iadsan uile a bha maille ris, airson an tarraing èisg a ghlac iad:

Sìmon, air an tug e mar an ceudna Peadar mar ainm, agus Anndras a bhràthair, Seumas agus Eòin, Philip agus Bartolomèus,

Bha maille ri chèile Sìmon Peadar, agus Tòmas den goirear Didimus, agus Natànael o Chàna Ghalile, agus mic Shebede, agus dithis eile de a dheisciobail.

Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh.

Ma dh’fhiosraichear nì sam bith mu Thìtus, is e mo chompanach-sa e, agus mo cho-obraiche dur taobh-se: no mu thimcheall nam bràithrean, is iad teachdairean nan eaglaisean, agus glòir Chrìosd.

Agus air mosgladh dhaibh gun tèid iad as o ribe an diabhail, aig a bheil iad air am beò-ghlacadh a‑chum a thoile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan