Lùcas 4:8Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Tàrr air mo chùlaibh, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Nì thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis. Faic an caibideil |
Agus labhair Samuel ri uile thaigh Israeil, ag ràdh, Ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna le ur n‑uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as ur measg, Bàalim agus Astarot: agus ullaichibh ur cridhe a‑chum an Tighearna, agus dèanaibh seirbhis dhàsan a‑mhàin, agus saoraidh e sibh à làimh nam Philisteach.