Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air don diabhal a thoirt gu beinn àird, nochd e dha uile rìoghachdan an domhain ann am mionaid aimsir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Gur geàrr caithreim nan aingidh, agus nach eil gàirdeachas a’ chealgair ach car tiota?

Cionnas a thugadh iad gu sgrios, mar ann an tiota, agus a chuireadh as dhaibh gu tur le uamhasan!

Agus bidh soisgeul seo na rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an domhain uile, mar fhianais do na h‑uile chinnich: agus an sin thig a’ chrìoch.

Thug an diabhal e a‑rìs a‑chum beinne ro‑àird, agus nochd e dha uile rìoghachdan an domhain, agus an glòir;

Ann an tiota, ann am priobadh na sùla, ri guth na trompaid deireannaich (oir sèididh an trompaid), agus èiridh na mairbh neo-thruaillidh, agus caochlaidhear sinne.

Agus iadsan a tha a’ gnàthachadh an t‑saoghail seo, mar dhream nach eil ga mhì-ghnàthachadh; oir thèid sgiamh an t‑saoghail seo seachad.

Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach;

Anns an do ghluais sibh anns na h‑àmannan a chaidh seachad, a rèir gnàth an t‑saoghail seo, a rèir uachdaran cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas-ùmhlachd:

Oir chan eil sinn a’ gleac ri fuil agus feòil, ach ri uachdaranachdan, ri cumhachdan, ri riaghlairean dorchadas an t‑saoghail seo, ri aingidheachd spioradail ann an ionadan àrda.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan