Agus air teachd don là, chaidh e a‑mach, agus dh’imich e gu àite fàsail: agus bha an sluagh ga iarraidh, agus thàinig iad da ionnsaigh, agus b’àill leo a chumail, a‑chum nach rachadh e uapa.
Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird.
Ach cho-èignich iadsan e, ag ràdh, Fan maille rinne, oir tha e dlùth don fheasgar, agus tha deireadh an là ann. Agus chaidh e a‑steach a dh’fhuireach maille riu.
Uime sin nuair a chunnaic an sluagh nach robh Iosa an sin, no a dheisciobail, chaidh iad fhèin mar an ceudna ann am bàtaichean, agus thàinig iad gu Capernàum, ag iarraidh Iosa.