Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh mar an ceudna deamhain a‑mach à mòran, a’ glaodhaich agus ag ràdh, Is tu Crìosd Mac Dhè. Agus chronaich e iad, agus cha d’fhuiling e dhaibh labhairt: oir bha fhios aca gum b’esan Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Ach dh’fhan Iosa na thosd. Agus fhreagair an t‑àrd-shagart agus thubhairt e ris, Tha mi gad mhionnachadh air an Dia bheò gun innseadh tu dhuinn an tu Crìosd, Mac Dhè.

Agus air teachd don bhuaireadair da ionnsaigh thubhairt e, Mas tu Mac Dhè, thoir àithne do na clachan seo a bhith nan aran.

Agus nuair a bha am feasgar air teachd, thug iad da ionnsaigh mòran anns an robh deamhain; agus thilg e na spioradan a‑mach le a fhacal, agus shlànaich e iadsan uile a bha easlan:

Agus, feuch, ghlaodh iad, ag ràdh, Ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo gar pianadh ron àm?

Agus thubhairt Iosa ris, Feuch nach innis thu do dhuine sam bith, ach imich, taisbein thu fhèin don t‑sagart, agus thoir da ionnsaigh an tìodhlac a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh.

Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as.

Agus nuair a bha am feasgar ann, air don ghrèin dol fodha, thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus iadsan anns an robh deamhan.

Agus leighis e mòran air an robh iomadh gnè eucail, agus thilg e a‑mach mòran dheamhan, agus cha d’fhulaing e do na deamhain labhairt, airson gum b’aithne dhaibh e.

Agus na spioradan neòghlan, nuair a chunnaic iad e, shleuchd iad dha, agus ghlaodh iad, ag ràdh, Is tusa Mac Dhè.

Agus air dha seasamh os a cionn, chronaich e am fiabhras, agus dh’fhàg e i. Agus dh’èirich ise air ball, agus rinn i frithealadh dhaibh.

Ach tha iad seo sgrìobhte, a‑chum gun creideadh sibh gur e Iosa an Crìosd Mac Dhè; agus a’ creidsinn dhuibh, gum biodh agaibh beatha tro a ainm-san.

Tha thu a’ creidsinn gu bheil aon Dia ann; is math a nì thu: tha na deamhain a’ creidsinn mar an ceudna, agus tha iad a’ criothnachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan