Agus aig dol fodha na grèine, iadsan uile aig an robh daoine easlan le iomadh gnè thinnis, thug iad da ionnsaigh iad: agus chuir esan a làmhan air gach aon dhiubh, agus leighis e iad.
Tha na doill a’ faotainn am fradhairc, agus na bacaich ag imeachd, tha na lobhair air an glanadh, agus na bodhair a’ cluinntinn, tha na mairbh air an dùsgadh, agus an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.
Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, Tha mo nighean bheag ann an cunnart grad-bhàis; thig, tha mi a’ guidhe ort, agus leag do làmhan oirre a‑chum gun slànaichear i, agus mairidh i beò.
Agus cha robh e an comas dha mìorbhail air bith a dhèanamh an sin, saor o gun do chuir e a làmhan air beagan de mhuinntir a bha tinn, agus gun do leighis e iad.
Air chor is gun tugadh o a chorp-san a‑chum nan daoine tinne, nèapaiginean no aprain, agus gun d’fhalbh an easlaintean uapa, agus gun deachaidh na droch spioradan a‑mach asda.
Air chor is gun tug iad a‑mach a’ mhuinntir easlan air na sràidean, agus gun do chuir iad air leapaichean agus air uirighean iad, a‑chum aig teachd do Pheadar gun cuireadh a fhaileas, mar a bu lugha, sgàil air neach-eigin aca.