Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Iosa e, ag ràdh, Tha e sgrìobhte nach ann le aran a‑mhàin a thig duine beò, ach le gach uile fhacal Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus nì sibh seirbhis don Tighearna ur Dia, agus beannaichidh esan d’aran, agus d’uisge, agus cuiridh mi easlaint air falbh o ur measg.

Iarradh iad a‑chum an lagha agus a‑chum na fianais: mura labhair iad a rèir an fhacail seo, is ann a chionn nach eil solas annta.

Fàg do dhìlleachdain, gleidhidh mise beò iad; agus cuireadh do bhantraichean an dòchas annamsa.

Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Tha e sgrìobhte, Chan ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach uile fhacal a thig o bheul Dhè.

Uime sin na bithibh làn de chùram, ag ràdh, Ciod a dh’itheas sinn, no ciod a dh’òlas sinn, no ciod a chuireas sinn umainn?

Agus thubhairt e riu, Nuair a chuir mi uam sibh gun sporan agus gun mhàla, agus gun bhrògan, an robh uireasbhaidh nì sam bith oirbh? Agus thubhairt iad, Cha robh.

Oir tha e sgrìobhte, Bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, thusa a choimhead;

Agus thubhairt an diabhal ris, Mas tu Mac Dhè, abair ris a’ chloich seo a bhith na h‑aran.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Tàrr air mo chùlaibh, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Nì thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis.

Agus glacaibh clogad na slàinte, agus claidheamh an Spioraid, nì as e facal Dhè:

Agus dh’irioslaich e thu, agus thug e ort acras fhulang, agus bheathaich e thu le mana (nì nach b’aithne dhut fhèin, cha mhò a b’aithne dod athraichean e), a‑chum gun tugadh e ort fios a bhith agad nach ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach facal a thig a‑mach à beul an Tighearna bidh duine beò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan