Agus dh’èirich e as an t‑sionagog agus chaidh e a‑steach do thaigh Shìmoin: agus bha fiabhras mòr air màthair-chèile Shìmoin; agus ghuidh iad air as a leth.
Ach cha tug esan freagradh sam bith dhi. Agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, agus dh’iarr iad air, ag ràdh, Cuir air falbh i, oir tha i a’ glaodhaich nar dèidh.
Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.