Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig uamhas orra uile, agus labhair iad ri chèile, ag ràdh, Ciod a’ ghnè cainnte seo? Oir le ùghdarras agus cumhachd tha e a’ toirt òrdaigh do na spioradan neòghlan, agus tha iad a’ teachd a‑mach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh don deamhan a bhith air a thilgeadh a‑mach, labhair am balbhan: agus ghabh an sluagh iongantas, ag ràdh, Chan fhacas a leithid seo ann an Israel riamh.

Agus ghabh iad mòr-iongantas uile, ionnas gu robh iad a’ cur na ceiste seo ri chèile, ag ràdh, Ciod e seo? Ciod e an teagasg nuadh seo? Oir le ùghdarras tha e a’ toirt òrdaigh eadhon do na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.

Agus bha iad gu ro‑mhòr air an lìonadh le iongantas, ag ràdh, Rinn e na h‑uile nithean gu math: tha e araon a’ tabhairt air na bodhair gun cluinn iad, agus air na bailbh gun labhair iad.

Agus ghabh gach neach a chuala seo iongantas ris na nithean sin a dh’innseadh dhaibh leis na buachaillean.

Agus ghabh iad iongantas ra theagasg; do bhrìgh gu robh a fhacal le cumhachd.

Neach air dha dol do nèamh, a tha air deaslàimh Dhè, air do ainglean, agus do uachdaranachdan, agus do chumhachdan a bhith air an cur fo a cheannsal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan