Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ag ràdh, Leig leinn; ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Tha fhios agam cò thu, Aon naomh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thusa agus a’ bhean, agus eadar do shìol-sa agus a sìol-se; bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil-san.

Agus thubhairt i ri Eliah, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a dhuine le Dia? An tàinig thu am ionnsaigh a chur mo pheacaidh an cuimhne, agus a mharbhadh mo mhic?

Oir chan fhàg thu m’anam anns an uaigh; cha leig thu led aon naomh truaillidheachd fhaicinn.

Tha deich agus trì-fichead seachdain air an òrdachadh air do shluagh, agus air a’ chathair naoimh, a chrìochnachadh euceirt, agus a chur crìch air lochdan, agus a dhèanamh rèite airson aingidheachd, agus a thoirt a‑steach fìreantachd shìorraidh, agus a sheulachadh suas na h‑aisling agus na fàistneachd, agus a dh’ungadh an Tì as ro‑naoimhe.

Agus, feuch, ghlaodh iad, ag ràdh, Ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo gar pianadh ron àm?

Ag ràdh, Leig leinn; ciod ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios-ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè.

Agus leighis e mòran air an robh iomadh gnè eucail, agus thilg e a‑mach mòran dheamhan, agus cha d’fhulaing e do na deamhain labhairt, airson gum b’aithne dhaibh e.

Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.

Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth.

Agus bha anns an t‑sionagog duine anns an robh spiorad deamhain neòghlain, agus ghlaodh e le guth mòr,

Agus chaidh mar an ceudna deamhain a‑mach à mòran, a’ glaodhaich agus ag ràdh, Is tu Crìosd Mac Dhè. Agus chronaich e iad, agus cha d’fhuiling e dhaibh labhairt: oir bha fhios aca gum b’esan Crìosd.

Nuair a chunnaic e Iosa, ghlaodh e a‑mach, agus thuit e sìos na làthair, agus thubhairt e le guth àrd, Ciod e mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Guidheam ort, na pian mi.

An sin dh’iarr muinntir dùthaich nan Gadarèneach uile airsan imeachd uapa; oir ghlacadh le eagal mòr iad: agus chaidh e anns an luing, agus thill e air ais a‑rìs.

Agus thàinig iad agus chuir iad impidh orra, agus air dhaibh an toirt a‑mach, ghuidh iad orra imeachd a‑mach as a’ bhaile.

Do bhrìgh nach fàg thu m’anam shìos ann an ifrinn, cha mhò a dh’fhuilingeas tu dod naomh-Aon fhèin gum faic e truaillidheachd.

Ach dh’àich sibhse an t‑Aon naomh, agus am Fìrean, agus dh’iarr sibh mortair a thìodhlacadh dhuibh;

Oir gu fìrinneach chruinnicheadh an ceann a chèile, an aghaidh do leinibh naoimh Iosa, a dh’ung thu, araon Herod agus Pontius Pilat, maille ris na Cinnich, agus sluagh Israeil,

Uime sin, a mheud is gu bheil aig a’ chloinn co‑roinn de fheòil agus de fhuil, ghabh esan mar an ceudna roinn dhiubh sin; a‑chum tre an bhàs gun claoidheadh e esan aig a bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin an diabhal;

Tha thu a’ creidsinn gu bheil aon Dia ann; is math a nì thu: tha na deamhain a’ creidsinn mar an ceudna, agus tha iad a’ criothnachadh.

An tì a nì peacadh, is ann on diabhal a tha e; oir tha an diabhal a’ peacachadh o thùs. Is ann a‑chum na crìche seo a dh’fhoillsicheadh Mac Dhè, a‑chum gun sgriosadh e obraichean an diabhail.

Agus rug e air an dràgon, an t‑seann nathair nimhe sin, as e an diabhal agus Sàtan, agus cheangail e e rè mìle bliadhna;

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan