Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich iad suas, agus thilg iad a‑mach as a’ bhaile e, agus thug iad leo e gu malaidh a’ chnuic, air an robh am baile togte, a‑chum a thilgeadh sìos an coinneamh a chinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus deich mìle dhiubh ghlac clann Iùdah beò, agus thug iad leo iad gu mullach carraig, agus thilg iad sìos iad o mhullach na carraig, agus bhriseadh iad gu tur.

Tharraing na h‑aingidh an claidheamh, agus chuir iad am bogha air ghleus, a leagadh sìos a’ bhochd agus an ainnis, a mharbhadh luchd deagh-bheus.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cuirear an duine gu cinnteach gu bàs; clachaidh an co‑chruinneachadh uile e le clachan an taobh a‑muigh den champ.

Agus lìonadh iadsan uile a bha anns an t‑sionagog le feirg, nuair a chuala iad na nithean sin;

Tha fhios agam gur sibh sliochd Abrahàim; ach tha sibh ag iarraidh mise a mharbhadh, do bhrìgh nach eil àite aig m’fhacal annaibh.

Ach a‑nis tha sibh ag iarraidh mise a mharbhadh, duine a dh’innis dhuibh an fhìrinn, a chuala mi o Dhia: cha do rinn Abrahàm seo.

An sin thog iadsan clachan a‑chum an tilgeadh air: ach dh’fhalaich Iosa e fhèin, agus chaidh e a‑mach as an teampall, a’ dol tro am meadhon, agus mar sin chaidh e seachad.

Uime sin a‑chum gun dèanadh Iosa an sluagh a naomhachadh le a fhuil fhèin, dh’fhuiling e mar an ceudna an taobh a‑muigh den gheata.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan