Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus lìonadh iadsan uile a bha anns an t‑sionagog le feirg, nuair a chuala iad na nithean sin;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

An sin bha fearg air Asa ris an fhear-sheallaidh, agus chuir e ann an taigh-prìosain e, a chionn gu robh e ann an corraich ris a‑thaobh an nì seo. Agus rinn Asa ainneart air cuid den t‑sluagh anns an àm sin.

An sin ghlac iad Ieremiah, agus thilg iad e ann an sloc Mhalchiah mhic Hameleich, a bha ann an cùirt a’ phrìosain; agus leig iad sìos Ieremiah le cùird. Agus anns an t‑sloc cha robh uisge sam bith, ach clàbar: agus chaidh Ieremiah fodha anns a’ chlàbar.

An sin nuair a chunnaic Herod gun do rinn na draoidhean fanaid air, las e le feirg ro‑mhòir, agus chuir e luchd-millidh uaithe agus mharbh e na bha de leanaban-mac ann am Betlehem, agus anns na crìochan uile, o aois dhà bhliadhna agus fodha, a rèir na h‑aimsir a dh’fhòghlaim e gu dìcheallach o na draoidhean.

Agus bha mòran lobhar ann an Israel ri linn Eliseais am fàidh; agus cha do ghlanadh a h‑aon aca, ach Nàaman an Sirianach.

Agus dh’èirich iad suas, agus thilg iad a‑mach as a’ bhaile e, agus thug iad leo e gu malaidh a’ chnuic, air an robh am baile togte, a‑chum a thilgeadh sìos an coinneamh a chinn.

Agus lìonadh iadsan le cuthach; agus labhair iad ri chèile, ciod a dhèanadh iad ri Iosa.

Agus nuair a chuala iadsan seo, bha iad air an gonadh, agus ghabh iad comhairle an cur gu bàs.

Nuair a chuala iad na nithean sin, bha iad air an gonadh nan cridhe, agus chas iad am fiaclan ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan