Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu robh mòran bhantrach ann an Israel an làithean Eliais, nuair a dhruideadh nèamh rè trì bliadhna agus sia mìosan, agus a bha gorta mhòr air feadh na tìre uile:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Eliah an Tisbitheach, a bha de luchd-àiteachaidh Ghilead, ri Ahab, Mar as beò an Tighearna Dia Israeil, an làthair a bheil mise am sheasamh, cha bhi anns na bliadhnachan seo drùchd no uisge ann ach a rèir m’fhacail-sa.

Oir chan iad mo smuaintean-sa ur smuaintean-se, cha mhò is iad ur slighean-se mo shlighean-sa, deir an Tighearna.

Nach eil e ceadaichte dhòmhsa an nì as àill leam a dhèanamh rim chuid fhèin? A bheil do shùil-sa olc, airson gu bheil mise math?

Anns an uair sin fhèin rinn Iosa gàirdeachas na spiorad, agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean sin o dhaoine glice agus tuisgeach, agus gun d’fhoillsich thu iad do naoidheanan: seadh, Athair, oir is ann mar sin a bu toil leatsa.

Oir tha e ag ràdh ri Maois, Nì mi tròcair air an neach air an dèan mi tròcair, agus gabhaidh mi truas den neach den gabh mi truas.

Chan eadh ach, O dhuine, cò thusa a tha a’ tagradh an aghaidh Dhè? An abair an nì a chumadh ris an tì a chùm e, Carson a rinn thu mi mar seo?

Anns an d’fhuair sinne mar an ceudna oighreachd, air dhuinn a bhith air ar ro‑òrdachadh a rèir rùn an tì a tha ag obrachadh nan uile nithean a rèir comhairle a thoile fhèin;

A dh’fhoillsich dhuinn rùn-diamhair a thoile, a rèir a dheagh-ghean fhèin a rùnaich e ann fhèin:

Bu duine Elias aig an robh co‑aigne rinne, agus ghuidh e gu dùrachdach gun uisge a bhith ann: agus cha tàinig uisge air an talamh rè trì bliadhna agus sia mìosan.

Tha cumhachd aca seo nèamh a dhùnadh, ionnas nach bi uisge ann, ann an làithean am fàidheadaireachd: agus tha cumhachd aca air uisgeachan a‑chum an tionndadh gu fuil, agus an talamh a bhualadh leis an uile phlàigh, cho minig is as toil leo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan