Lùcas 4:23Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt e riu, Gun amharas thubhairt sibh rium an gnàth-fhacal seo, A lèigh, leighis thu fhèin: ge bè air bith iad na nithean a chuala sinn a rinneadh leat an Capernàum, dèan mar an ceudna iad an seo ad dhùthaich fhèin. Faic an caibideil |
No cionnas a dh’fhaodas tu a ràdh rid bhràthair, A bhràthair, leig dhomh an smùirnean a thoirt as do shùil, agus nach eil thu a’ toirt fa‑near an t‑sail a tha ann ad shùil fhèin? A chealgair, tilg a‑mach air tùs an t‑sail as do shùil fhèin, agus an sin is lèir dhut gu soilleir an smùirnean a tha ann an sùil do bhràthar a thoirt aisde.