Agus thug iad uile fianais dha, agus ghabh iad iongantas ris na briathran gràsmhor a thàinig a‑mach as a bheul. Agus thubhairt iad, Nach e seo mac Iòseiph?
Thug an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa teanga nan daoine fòghlaimte, a‑chum gum b’aithne dhomh facal a labhairt ann an deagh àm ris an neach a tha airtnealach; tha e a’ dùsgadh, madainn an dèidh maidne; tha e a’ dùsgadh mo chluaise gu èisdeachd mar a nì fòghlamach.
Agus nuair a chunnaic iad e, ghlac uamhas iad: agus thubhairt a mhàthair ris, A mhic, carson a rinn thu mar seo oirnn? Feuch, bha d’athair agus mise gu brònach gad iarraidh.
Agus thubhairt iad, Nach e seo Iosa mac Iòseiph, neach aig an aithne dhuinn a athair agus a mhàthair? Cionnas mas eadh a tha e ag ràdh, Thàinig mi a‑nuas o nèamh.
Cainnt fhallain nach fhaodar a dhìteadh; a‑chum gum bi nàire air an neach a tha nur n‑aghaidh, a chionn nach eil droch nì sam bith aige ri labhairt umaibh.