Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thòisich e air a ràdh riu, An‑diugh tha an sgriobtar seo air a choileanadh nur cluasan-se.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus anntasan tha fàidheadaireachd Esaiais air a coileanadh, a tha ag ràdh, Le èisdeachd cluinnidh sibh, agus cha tuig sibh; agus le amharc chì sibh, agus chan aithnich sibh.

Agus air dùnadh an leabhair dha, thug e don fhear-fhrithealaidh e, agus shuidh e: agus bha sùilean na bha anns an t‑sionagog uile a’ geur-amharc air.

Agus thug iad uile fianais dha, agus ghabh iad iongantas ris na briathran gràsmhor a thàinig a‑mach as a bheul. Agus thubhairt iad, Nach e seo mac Iòseiph?

Rannsaichibh na sgriobtairean, oir tha sibh a’ saoilsinn gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh annta; agus is iad sin a tha a’ toirt fianais mum thimcheall-sa.

Ach choilean Dia air an dòigh seo na nithean sin a ro‑fhoillsich e le beul a fhàidhean uile, gum fuilingeadh Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan