Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A shearmonachadh bliadhna thaitneach an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Feuch m’òglach, a chumas mi suas; m’aon taghte, anns a bheil tlachd aig m’anam: chuir mi mo Spiorad air; foillsichidh e breitheanas do na cinnich.

A dh’èigheach bliadhna thaitneach an Tighearna, agus là dìoghaltas ar Dè‑ne; a thoirt comhfhurtachd dhaibhsan uile a tha ri bròn;

Oir bha là an dìoghaltais ann am chridhe, agus bha bliadhna mo mhuinntir shaorte air teachd.

Agus nuair a bhios an Iubile ann do chloinn Israeil, an sin cuirear an oighreachd ri oighreachd na treubha gus an do ghabhaidh iad: mar sin bheirear an oighreachd-san air falbh o oighreachd treubh ar n‑athraichean.

Ag ràdh, Nam b’aithne dhut, eadhon dhutsa, air bheag sam bith ann ad là seo fhèin, na nithean a bhuineas dod shìth: ach a‑nis tha iad falaichte od shùilean.

Uime sin tha sinne, mar cho-obraichean leis-san, a’ guidhe oirbh, gun sibh a ghabhail gràs Dhè gu dìomhain:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan