Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha Spiorad an Tighearna orm, do bhrìgh gun d’ung e mi a shearmonachadh an t‑soisgeil do na bochdan; chuir e mi a shlànachadh na muinntir aig a bheil an cridhe briste, a ghairm fuasglaidh do na braighdean, agus aiseag am fradhairc do na doill, a thoirt saorsa don mhuinntir a tha brùite,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

56 Iomraidhean Croise  

Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thusa agus a’ bhean, agus eadar do shìol-sa agus a sìol-se; bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil-san.

A chionn gun do thiomaich do chridhe, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin an làthair Dhè, nuair a chuala tu a bhriathran an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin am làthair-sa, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am làthair, chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.

A chluinntinn osnaich a’ phrìosanaich, a‑chum fuasgladh orrasan a dh’òrdaicheadh a‑chum bàis;

Lèighsidh e iadsan aig a bheil cridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leòntan.

Carson a dh’èirich rìghrean na talmhainn, agus a ghabh na h‑uachdarain comhairle le chèile an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Aoin ungte-san, ag ràdh,

Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh-sa.

Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad.

Ghràdhaich thusa fìreantachd, agus thug thu fuath do aingidheachd; uime sin dh’ung Dia, do Dhia-sa, thu le ola aoibhneis os cionn do chompanach.

Is iad ìobairtean Dhè spiorad briste; air cridhe briste agus brùite, a Dhè, cha dèan thusa tàir.

Agus cha bhi ceò air sùilean na muinntir a chì; agus bheir cluasan na muinntir a chluinneas èisdeachd.

An sin fosglar sùilean nan dall, agus bidh cluasan nam bodhar air am fosgladh.

A dh’fhosgladh nan sùilean dall; a thabhairt nam prìosanach a‑mach as a’ phrìosan, agus na muinntir a tha nan suidhe ann an dorchadas à taigh na daorsa.

Thog mi esan suas ann am fìreantachd, agus nì mi dìreach a uile shlighean; togaidh e mo chathair, agus fuasglaidh e mo bhraighdean; chan ann airson luach, no airson duaise, deir Tighearna nan sluagh.

A ràdh ris a’ mhuinntir a tha ceangailte, Rachaibh a‑mach; agus riùsan a tha ann an dorchadas, Thigibh am follais. Beathaichear iad air na slighean, agus anns na h‑uile ionadan àrda nì iad ionaltradh.

Thug an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa teanga nan daoine fòghlaimte, a‑chum gum b’aithne dhomh facal a labhairt ann an deagh àm ris an neach a tha airtnealach; tha e a’ dùsgadh, madainn an dèidh maidne; tha e a’ dùsgadh mo chluaise gu èisdeachd mar a nì fòghlamach.

Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.

Agus air mo shon-sa, seo mo choicheangal riu, deir an Tighearna: Mo Spiorad a tha ortsa, agus mo bhriathran a chuir mi ann ad bheul, cha dealaich iad rid bheul, no ri beul do shliochd, no ri beul sliochd do shliochd, deir an Tighearna, on àm seo eadhon gu sìorraidh.

Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;

Oir na nithean seo uile rinn mo làmh, agus na nithean seo uile is leamsa, deir an Tighearna; ach air an fhear seo amhaircidh mi, eadhon airsan a tha bochd agus leònte na spiorad, agus a chriothnaicheas rom fhacal.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich tro mheadhon a’ bhaile, tro mheadhon Ierusaleim, agus cuir comharradh air aodainn na muinntir a tha ag osnaich agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a tha air an dèanamh na meadhon.

Tha deich agus trì-fichead seachdain air an òrdachadh air do shluagh, agus air a’ chathair naoimh, a chrìochnachadh euceirt, agus a chur crìch air lochdan, agus a dhèanamh rèite airson aingidheachd, agus a thoirt a‑steach fìreantachd shìorraidh, agus a sheulachadh suas na h‑aisling agus na fàistneachd, agus a dh’ungadh an Tì as ro‑naoimhe.

Fàgaidh mi fòs ann ad mheadhon sluagh an‑shocrach agus dìblidh; agus cuiridh iad an dòchas ann an ainm an Tighearna.

Agus bhriseadh e anns an là sin: agus mar sin dh’aithnich bochdan an treud a thug an aire dhomh gum b’e sin facal an Tighearna.

Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme-sa èiridh Grian na Fìreantachd le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte.

Tha na doill a’ faotainn am fradhairc, agus na bacaich ag imeachd, tha na lobhair air an glanadh, agus na bodhair a’ cluinntinn, tha na mairbh air an dùsgadh, agus an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.

Feuch, mo sheirbhiseach a thagh mi; m’aon gràdhach anns a bheil tlachd aig m’anam: cuiridh mi mo Spiorad air, agus nochdaidh e breitheanas do na Cinnich.

Cha bhris e a’ chuilc bhrùite, agus cha mhùch e an lìon as am bi deatach, gus an tabhair e a‑mach breitheanas a‑chum buaidh.

Am poball a bha nan suidhe ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; agus tha solas air èirigh do na daoine a bha nan suidhe ann an tìr agus an sgàil a’ bhàis.

Is beannaichte iadsan a tha bochd nan spiorad: oir is leo rìoghachd nèimh.

Agus thugadh dha leabhar an fhàidh Esaias; agus air fosgladh an leabhair dha, fhuair e an t‑àit anns an robh e sgrìobhte,

Agus thog e suas a shùilean air a dheisciobail, agus thubhairt e, Is beannaichte sibhse a tha bochd: oir is leibh rìoghachd Dhè.

Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Imichibh-se agus innsibh do Eòin na nithean a chunnaic agus a chuala sibh; gu bheil na doill a’ faicinn, na bacaich ag imeachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a’ cluinntinn, na mairbh air an dùsgadh, an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.

Fhuair esan air tùs a bhràthair fhèin Sìmon, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne am Mesias, is e sin, air eadar-theangachadh, Crìosd.

Thàinig mi am sholas a‑chum an t‑saoghail, a‑chum ge bè a chreideas annam, nach fanadh e ann an dorchadas.

An tì a chuir Dia uaithe, tha e a’ labhairt briathran Dhè: oir chan ann a rèir tomhais a tha Dia a’ toirt an Spioraid dha.

Cionnas a dh’ung Dia Iosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; neach a chaidh mun cuairt a’ dèanamh maith, agus a’ slànachadh nan uile a bha air an sàrachadh leis an diabhal: oir bha Dia maille ris.

A dh’fhosgladh an sùl, a‑chum gun tionndaidh iad o dhorchadas gu solas, agus o chumhachd Shàtain gu Dia, a‑chum gum faigh iad maitheanas pheacaidhean, agus oighreachd maille ris a’ mhuinntir sin a tha air an naomhachadh tre an chreideamh a tha annamsa.

Sheas rìghrean na talmhainn suas, agus chruinnicheadh na h‑uachdarain an ceann a chèile, an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Chrìosd.

Oir gu fìrinneach chruinnicheadh an ceann a chèile, an aghaidh do leinibh naoimh Iosa, a dh’ung thu, araon Herod agus Pontius Pilat, maille ris na Cinnich, agus sluagh Israeil,

A shaor sinn o chumhachd an dorchadais, agus a dh’atharraich sinn a‑chum rìoghachd Mac a ghràidh-san:

Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?

Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan