Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thugadh dha leabhar an fhàidh Esaias; agus air fosgladh an leabhair dha, fhuair e an t‑àit anns an robh e sgrìobhte,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Thubhairt Abrahàm ris, Tha Maois agus na fàidhean aca; èisdeadh iad riùsan.

Agus tha Daibhidh fhèin ag ràdh ann an leabhar nan Salm, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh air mo làimh dheis,

Agus thàinig e gu Nàsaret, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh.

Tha Spiorad an Tighearna orm, do bhrìgh gun d’ung e mi a shearmonachadh an t‑soisgeil do na bochdan; chuir e mi a shlànachadh na muinntir aig a bheil an cridhe briste, a ghairm fuasglaidh do na braighdean, agus aiseag am fradhairc do na doill, a thoirt saorsa don mhuinntir a tha brùite,

Agus air dùnadh an leabhair dha, thug e don fhear-fhrithealaidh e, agus shuidh e: agus bha sùilean na bha anns an t‑sionagog uile a’ geur-amharc air.

Agus an dèidh leughadh an lagha agus nam Fàidhean, chuir uachdarain an t‑sionagoig dan ionnsaigh, ag ràdh, Fheara agus a bhràithrean, ma tha facal earail agaibh don t‑sluagh, abraibh e.

Oir iadsan a tha a chòmhnaidh ann an Ierusalem, agus an uachdarain, air dhaibh a bhith aineolach airsan, agus air briathran nam Fàidhean a tha air an leughadh gach sàbaid, le esan a dhìteadh choilean iad iad.

An sin thill Dia, agus thug e thairis iad a‑chum adhradh a dhèanamh do armailt nèimh, a rèir mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar nam fàidhean, An tug sibh dhòmhsa beathaichean marbhte, agus ìobairtean rè dà‑fhichead bliadhna anns an fhàsach, O thaigh Israeil?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan