Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig e gu Nàsaret, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann am baile den goirear Nàsaret, a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis na fàidhean, Gun goirear Nàsarach dheth.

Agus nuair a choilean iad na h‑uile nithean a rèir lagh an Tighearna, thill iad do Ghalile, dam baile fhèin Nàsaret.

Agus nuair a bha e dà‑bhliadhna-dheug a dh’aois, chaidh iad suas gu Ierusalem, a rèir gnàth na fèille.

Agus chaidh e sìos maille riu, agus thàinig e gu Nàsaret, agus bha e umhail dhaibh: ach ghlèidh a mhàthair na nithean sin uile na cridhe.

Agus theagaisg e nan sionagogan, a’ faotainn glòire o na h‑uile dhaoine.

Agus thugadh dha leabhar an fhàidh Esaias; agus air fosgladh an leabhair dha, fhuair e an t‑àit anns an robh e sgrìobhte,

Agus thòisich e air a ràdh riu, An‑diugh tha an sgriobtar seo air a choileanadh nur cluasan-se.

Agus thubhairt e riu, Gun amharas thubhairt sibh rium an gnàth-fhacal seo, A lèigh, leighis thu fhèin: ge bè air bith iad na nithean a chuala sinn a rinneadh leat an Capernàum, dèan mar an ceudna iad an seo ad dhùthaich fhèin.

Fhreagair Iosa e, Labhair mise gu follaiseach ris an t‑saoghal; theagaisg mi a‑ghnàth anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far a bheil na h‑Iùdhaich a’ cruinneachadh as gach àit; agus am falach cha do labhair mi nì air bith.

Agus mar a bu ghnàth le Pòl, chaidh e a‑steach dan ionnsaigh, agus air trì làithean sàbaid reusonaich e riu as na sgriobtairean,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan