Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 4:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus theagaisg e nan sionagogan, a’ faotainn glòire o na h‑uile dhaoine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Feuch, gairmidh tu cinneach nach b’aithne dhut; agus cinnich do nach b’aithne thu, ruithidh iad ad ionnsaigh, air sgàth an Tighearna do Dhia, agus airson Tì naomh Israeil; oir ghlòraich e thu.

Agus nuair a thàinig e da dhùthaich fhèin, theagaisg e iad nan sionagog, ionnas gun do ghabh iad iongantas, agus gun dubhairt iad, Càit an d’fhuair am fear seo an gliocas seo, agus na feartan seo?

Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh.

Agus ghabh Iosa mun cuairt nan uile chathraichean agus bhailtean, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach uile easlaint agus eucail am measg a’ phobaill.

Ach nuair a chunnaic am poball seo, ghabh iad iongantas, agus thug iad glòir do Dhia, a thug a leithid seo de chumhachd do dhaoine.

Agus ghabh iad mòr-iongantas uile, ionnas gu robh iad a’ cur na ceiste seo ri chèile, ag ràdh, Ciod e seo? Ciod e an teagasg nuadh seo? Oir le ùghdarras tha e a’ toirt òrdaigh eadhon do na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.

Agus shearmonaich e nan sionagogan air feadh Ghalile uile, agus thilg e a‑mach na deamhain.

Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird.

Agus bha e a’ teagasg ann an aon de na sionagogan air an t‑sàbaid.

Agus thàinig e gu Nàsaret, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan