Agus thill Iosa ann an cumhachd an Spioraid a‑chum Ghalile: agus chaidh a iomradh-san air feadh na dùthcha mun cuairt gu h‑iomlan.
Ach nuair a chuala Iosa gun do chuireadh Eòin an làimh, dh’imich e do Ghalile;
Agus chaidh iomradh sin a‑mach air feadh na tìre sin uile.
Ach nuair a dh’imich iad a‑mach, sgaoil iad a chliù air feadh na dùthcha sin uile.
Agus an dèidh do Eòin a bhith air a chur am prìosan, thàinig Iosa do Ghalile, a’ searmonachadh soisgeul rìoghachd Dhè,
Agus chaidh a chliù air ball a‑mach air feadh na tìre uile timcheall Ghalile.
Agus nuair a chrìochnaich an diabhal am buaireadh uile, dh’imich e uaithe rè tamaill.
Agus chaidh iomradh airsan a‑mach air feadh gach àite den dùthaich mun cuairt.
Agus an dèidh dà là dh’fhalbh e as a sin, agus chaidh e do Ghalile:
Am facal sin is aithne dhuibh, a sgaoileadh air feadh tìr Iudèa uile, agus a thòisich o Ghalile, an dèidh a’ bhaistidh a shearmonaich Eòin: