Agus nuair a chrìochnaich an diabhal am buaireadh uile, dh’imich e uaithe rè tamaill.
An sin dh’fhàg an diabhal e; agus, feuch, thàinig ainglean agus fhritheil iad dha.
Agus air freagairt do Iosa thubhairt e ris, Thubhairteadh, Na buair thusa an Tighearna do Dhia.
Agus thill Iosa ann an cumhachd an Spioraid a‑chum Ghalile: agus chaidh a iomradh-san air feadh na dùthcha mun cuairt gu h‑iomlan.
A seo suas cha labhair mi mòran ribh: oir tha uachdaran an t‑saoghail seo a’ teachd, agus chan eil nì air bith aige annamsa.
Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.
Uime sin ùmhlaichibh sibh fhèin do Dhia; cuiribh an aghaidh an diabhail, agus teichidh e uaibh: