Agus air freagairt do Iosa thubhairt e ris, Thubhairteadh, Na buair thusa an Tighearna do Dhia.
Ach ghlac ana-miann iad anns an fhàsach, agus bhuair iad Dia anns an ionad uaigneach.
Nuair a bhuair ur n‑athraichean mi, a dhearbh iad mi, agus a chunnaic iad m’obraichean rè dà‑fhichead bliadhna.
Agus a‑nis tha sinn a’ meas nan uaibhreach sona: seadh, tha iadsan a tha a’ cur an gnìomh aingidheachd air an àrdachadh: seadh, tha iadsan a tha a’ buaireadh Dhè eadhon air an saoradh.
Thubhairt Iosa ris a‑rìs, Tha e sgrìobhte, Cha bhuair thu an Tighearna do Dhia.
Agus nuair a chrìochnaich an diabhal am buaireadh uile, dh’imich e uaithe rè tamaill.
Agus na dearbhamaid Crìosd, mar a dhearbh cuid dhiubhsan, agus a sgriosadh iad le nathraichean nimhe.
Cha bhrosnaich sibh an Tighearna ur Dia, mar a bhrosnaich sibh e ann am Masah.