Agus tachraidh, nuair a dh’imicheas mise uat, gun tog spiorad an Tighearna leis thusa far nach eil fhios agamsa; agus nuair a thig mise a dh’innse do Ahab, agus nach faigh e thu, gum marbh e mise: gidheadh tha eagal an Tighearna ormsa do sheirbhiseach om òige.
Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean.
Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;
Agus nuair a bhaisteadh Iosa, chaidh e air ball suas as an uisge; agus, feuch, dh’fhosgladh nèamh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a’ tùirling mar chalaman, agus a’ teachd air:
Agus thàinig e le treòrachadh an Spioraid don teampall. Agus nuair a thug na pàrantan an leanabh Iosa a‑steach, a‑chum gun dèanadh iad air a shon a rèir gnàthachadh an lagha,
Tha Spiorad an Tighearna orm, do bhrìgh gun d’ung e mi a shearmonachadh an t‑soisgeil do na bochdan; chuir e mi a shlànachadh na muinntir aig a bheil an cridhe briste, a ghairm fuasglaidh do na braighdean, agus aiseag am fradhairc do na doill, a thoirt saorsa don mhuinntir a tha brùite,
Cionnas a dh’ung Dia Iosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; neach a chaidh mun cuairt a’ dèanamh maith, agus a’ slànachadh nan uile a bha air an sàrachadh leis an diabhal: oir bha Dia maille ris.
Agus nuair a thàinig iad a‑nìos as an uisge, thug Spiorad an Tighearna Philip leis, agus chan fhaca an caillteanach tuilleadh e: agus dh’imich e air aghaidh le gàirdeachas.