Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 3:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar briathran an fhàidh Esaiais, ag ràdh, Guth an tì a dh’èigheas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

An sin their mi, Tilgibh suas, tilgibh suas; ullaichibh an t‑slighe; thugaibh air falbh gach ceap-tuislidh à rathad mo shluaigh.

Siùbhlaibh, siùbhlaibh tro na geatachan; ullaichibh slighe an t‑sluaigh; tilgibh suas, tilgibh suas an rathad mòr; glanaibh as na clachan; togaibh suas bratach airson nan slògh.

Agus tionndaidhidh esan cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus cridhe na cloinne a‑chum an athraichean, air eagal gun tig mise, agus gum buail mi am fearann le lèirsgrios.

Oir is e seo an tì ud mun do labhair Esaias am fàidh, ag ràdh, Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.

Guth an tì a dh’èigheas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.

Thubhairt e, Is mise guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Dèanaibh dìreach slighe an Tighearna, mar a thubhairt am fàidh Esaias.

Thàinig esan mar fhianais, a‑chum fianais a thoirt mun t‑solas, a‑chum gun creideadh na h‑uile trìdsan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan