Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 3:38

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mhic Enois, mhic Shet, mhic Adhaimh, mhic Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine de dhuslach na talmhainn: agus shèid e ann an cuinneinean a shròine anail na beatha; agus dh’fhàs an duine na anam beò.

Agus dh’aithnich Adhamh a‑rìs a bhean; agus rug i mac, agus thug i Set mar ainm air: Oir dh’òrdaich Dia, thubhairt i, dhòmhsa sliochd eile ann an àit Abeil, a mharbh Càin.

Agus do Shet fhèin mar an ceudna rugadh mac; agus thug e Enos mar ainm air: an sin thòisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna.

Ach a‑nis, O Thighearna, is tusa ar n‑Athair; is sinne a’ chriadh, agus is tusa ar fear-deilbh; agus is sinne uile obair do làimhe.

Mhic Mhatùsala, mhic Enoich, mhic Iareid, mhic Mhahelil, mhic Chainain,

Agus air do Iosa a bhith làn den Spiorad Naomh, thill e air ais o Iòrdan, agus threòraicheadh e leis an Spiorad don fhàsach,

Agus mar seo tha e sgrìobhte, Rinneadh an ciad dhuine Adhamh na anam beò, an t‑Adhamh deireannach na Spiorad a bheothaicheas.

An ciad duine on talamh, talmhaidh: an dara duine, an Tighearna o nèamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan