Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 3:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mhic Iàcoib, mhic Isaaic, mhic Abrahàim, mhic Thara, mhic Nachoir,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thug Abrahàm Isaac mar ainm air a mhac a rugadh dha, a rug Sàrah dha.

Agus na dhèidh sin thàinig a bhràthair a‑mach, agus greim aig a làimh air sàil Esau; agus thugadh Iàcob mar ainm air: agus bha Isaac trì-fichead bliadhna a dh’aois nuair a rugadh iad.

Agus ghin Abrahàm Isaac. Mic Isaaic: Esau agus Israel.

Ghin Abrahàm Isaac, agus ghin Isaac Iàcob, agus ghin Iàcob Iùdas agus a bhràithrean,

Mhic Aminadaibh, mhic Araim, mhic Esroim, mhic Phareis, mhic Iùdah,

Mhic Sharuich, mhic Ragau, mhic Phaleic, mhic Ebeir, mhic Shala,

Agus thug e dha coicheangal an timcheall-ghearraidh: agus mar sin ghin Abrahàm Isaac, agus thimcheall-gheàrr e e air an ochdamh là: agus ghin Isaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh-athair dheug.

Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh uile, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Air taobh thall na h‑aibhne, anns an t‑seann aimsir, chòmhnaich ur n‑athraichean, eadhon Tèrah, athair Abrahàim, agus athair Nachoir: agus rinn iad seirbhis do dhiathan eile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan