Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac; agus thubhairt i, A‑nis molaidh mi an Tighearna: uime sin thug i Iùdah mar ainm air. Agus sguir i de bhreith cloinne.
Agus nuair a tharraing e a làmh air ais, feuch, thàinig a bhràthair a‑mach; agus thubhairt ise, Cionnas a bhris thu a‑mach? Biodh am briseadh seo ortsa. Uime sin thugadh Phareds mar ainm air.
Agus mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah, agus Phareds, agus Serah: ach fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain. Agus b’iad mic Phareids, Hesron agus Hamul.
Agus air taobh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine, suidhichidh luchd-brataich camp Iùdah, a rèir an armailtean: agus bidh Nahson mac Aminadaib na cheannard air cloinn Iùdah.