Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 3:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig e don dùthaich mu thimcheall Iòrdain, a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais, a‑chum maitheanas pheacaidhean;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Gu deimhinn tha mise gur baisteadh le uisge a‑chum aithreachais; ach an tì a thig am dhèidh, is cumhachdaiche e na mi, agus chan airidh mise air a bhrògan a ghiùlan: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine:

Agus tillidh e mòran de chloinn Israeil a‑chum an Tighearna an Dia.

A thoirt eòlas na slàinte da phoball, ann am maitheanas am peacaidhean.

Agus air do Iosa a bhith làn den Spiorad Naomh, thill e air ais o Iòrdan, agus threòraicheadh e leis an Spiorad don fhàsach,

Rinneadh na nithean seo ann am Betani air an taobh thall de Iòrdan, far an robh Eòin a’ baisteadh.

Agus thàinig iad a‑chum Eòin, agus thubhairt iad ris, A mhaighistir, an tì a bha maille riut an taobh thall de Iòrdan, don tug thu fianais, feuch, tha esan a’ baisteadh, agus tha na h‑uile dhaoine a’ teachd da ionnsaigh.

Air do Eòin, ro a theachd-san, baisteadh an aithreachais air tùs a shearmonachadh do phoball Israeil uile.

An sin thubhairt Pòl, Bhaist Eòin gu deimhinn le baisteadh an aithreachais, ag ràdh ris an t‑sluagh, iadsan a chreidsinn anns an neach a bha gu teachd na dhèidh-san, sin ri ràdh, ann an Iosa Crìosd.

Agus a‑nis carson a tha thu a’ dèanamh moille? Eirich, agus bi air do bhaisteadh, agus ionnlaid uat do pheacaidhean, a’ gairm air ainm an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan