Agus thòisich Iosa fhèin air a bhith mu thimcheall deich-bliadhna-fichead a dh’aois, air dha a bhith (a rèir barail dhaoine) na mhac do Iòseph, mac Heli,
Agus bha Iòseph deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a sheas e am fianais Phàraoh rìgh na h‑Eiphit: agus chaidh Iòseph a‑mach o làthair Phàraoh, agus chaidh e tro thìr na h‑Eiphit uile.
O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth-cheud bliadhna a dh’aois, gach neach a thèid a‑steach don armailt, a dhèanamh na h‑obrach ann am pàillean a’ choitheanail.
O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu lethcheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a‑chum obair ann am pàillean a’ choitheanail.
O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu lethcheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a‑chum obair ann am pàillean a’ choitheanail;
O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth-cheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a‑chum obair ann am pàillean a’ choitheanail;
O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth-cheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thàinig a dhèanamh seirbhis an fhrithealaidh, agus seirbhis na h‑eallaich ann am pàillean a’ choitheanail;
Nach e seo an saor, mac Mhuire, bràthair Sheumais, agus Iòseis, agus Iùdais, agus Shìmoin, agus nach eil a pheathraichean an seo maille rinn? Agus fhuair iad oilbheum ann.
Agus nuair a chunnaic iad e, ghlac uamhas iad: agus thubhairt a mhàthair ris, A mhic, carson a rinn thu mar seo oirnn? Feuch, bha d’athair agus mise gu brònach gad iarraidh.
Agus thug iad uile fianais dha, agus ghabh iad iongantas ris na briathran gràsmhor a thàinig a‑mach as a bheul. Agus thubhairt iad, Nach e seo mac Iòseiph?
Agus thubhairt iad, Nach e seo Iosa mac Iòseiph, neach aig an aithne dhuinn a athair agus a mhàthair? Cionnas mas eadh a tha e ag ràdh, Thàinig mi a‑nuas o nèamh.