Os bàrr, dhòirt Manaseh fuil neochiontach gu ro‑mhòr, gus an do lìon e Ierusalem o cheann gu ceann, a thuilleadh air a pheacadh fhèin leis an tug e air Iùdah peacachadh, le olc a dhèanamh ann an sùilean an Tighearna.
Ach rinn iadsan fanaid air teachdairean Dhè, agus rinn iad dìmeas air a bhriathran, agus rinn iad tarcais air a fhàidhean, gus an d’èirich fearg an Tighearna an aghaidh a shluaigh air chor is nach robh leigheas ann.
Gidheadh, bha iad eas-umhail, agus rinn iad ceannairc ad aghaidh, agus thilg iad do lagh air an cùlaibh, agus mharbh iad d’fhàidhean a thug fianais nan aghaidh, a‑chum an tilleadh ad ionnsaigh; agus dh’obraich iad mòran brosnachaidh.