Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 3:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ag earalachadh mòran de nithean eile, shearmonaich e don t‑sluagh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Aig a bheil a ghuit na làimh, agus ro‑ghlanaidh e a ùrlar, agus cruinnichidh e an cruithneachd da thaigh-tasgaidh: ach loisgidh e am moll le teine nach fhaodar a mhùchadh.

Ach air do Herod an tetrarc a bhith air a chronachadh leis airson Heròdiais, bean a bhràthar Philip, agus airson gach olc a rinn Herod,

(Thug Eòin fianais uime, agus ghlaodh e, ag ràdh, Is e seo an tì mun do labhair mi, An tì a tha a’ teachd am dhèidh, tha toiseach aige orm; oir bha e romham.)

Air an là màireach chunnaic Eòin Iosa a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e, Feuch Uan Dhè, a tha a’ toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!

Agus chunnaic mi, agus rinn mi fianais, gur e seo Mac Dhè.

Agus le mòran de bhriathran eile rinn e fianais agus dh’earalaich e iad, ag ràdh, Saoraibh sibh fhèin on ghinealach fhiar seo.

Agus air dha dol tro na crìochan sin, agus mòr-earalachadh a dhèanamh orra, thàinig e don Ghrèig;

No an tì a bheir earail, thugadh e aire da earail: an tì a roinneas an dèirc, roinneadh e i an treibhdhireas; an tì a riaghlas, dèanadh e e le dùrachd; an tì a nì tròcair, dèanadh e e gu suilbhir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan