Aig a bheil a ghuit na làimh, agus ro‑ghlanaidh e a ùrlar, agus cruinnichidh e an cruithneachd da thaigh-tasgaidh: ach loisgidh e am moll le teine nach fhaodar a mhùchadh.
Agus ithidh na daimh, agus na h‑asail òga a threabhas am fearann, innlinn air a deagh ghlanadh, air a grèidheadh leis a’ ghuit agus leis an t‑sluasaid.
Leigibh leo fàs araon gus an tig am fogharadh: agus ann an àm an fhogharaidh their mise ris an luchd-buana, Cruinnichibh air tùs an cogal, agus ceanglaibh e na cheanglachain a‑chum a losgaidh: ach cruinnichibh an cruithneachd dom shabhal.
Aig a bheil a’ ghuit na làimh, agus glanaidh e gu ro‑bhuileach a ùrlar-bualaidh, agus cruinnichidh e a chruithneachd da thaigh-tasgaidh; ach loisgidh e am moll le teine nach faodar a mhùchadh.