Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 3:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan riu, Na dèanaibh nì air bith os cionn na dh’òrdaicheadh dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus bha mi ionraic na fhianais, agus ghlèidh mi mi fhèin om aingidheachd.

An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.

Dh’fheuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math; agus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h‑iriosal maille rid Dhia?

Uime sin, gach uile nì a bu mhiann leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh-se a leithid dhaibhsan mar an ceudna: oir is e seo an lagh agus na fàidhean.

Agus sheas Sachèus agus thubhairt e ris an Tighearna, Feuch, a Thighearna, tha mi a’ toirt leth mo mhaoin do na bochdan: agus ma thug mi aon nì o neach air bith le casaid bhrèige, tha mi a’ toirt dha a cheithir uiread.

Agus thàinig mar an ceudna cìs-mhaoir gu bhith air am baisteadh, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, ciod a nì sinne?

Agus dh’fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a nì sinne? Agus thubhairt e riu, Na dèanaibh fòirneart air neach sam bith, no casaid-bhrèige, agus bithibh toilichte le ur tuarasdal.

No gadaichean, no daoine sanntach, no misgeirean, no luchd-ana-cainnt, no luchd-fòirneirt, rìoghachd Dhè.

An tì a ghoid, na goideadh e nas mò: ach gum b’fheàrr leis saothair a dhèanamh, ag obrachadh an nì a tha math le a làmhan, a‑chum gum bi aige nì ri phàirteachadh ris an neach air a bheil uireasbhaidh.

Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan